A' Cheàrdach (@ACheardach) header
A' Cheàrdach (@ACheardach) profile picture

Eachdraidh a' chlas-obrach ann an #Gàidhlig ~ Stair an lucht oibre i nGaeilge na hAlban ~ Working class history in Scottish Gaelic ~ Air a ruith le @TMacailpein

Cluaidh Dhearg
Joined May 2019
'S e Là Nakba a th' ann an-diugh, 15 Cèitean. 76 bliadhna air ais, sgrios stàit ùr Israeil co-chomann nam Palastaineach, a' cur ruaig air na ceudan de mhìltean de dhaoine bhon dachannan. An-diugh, tha muinntir Ghàsa gam murt gun sgur le taic bhon taobh an iar. #CeasefireNOW
1
140
Ùr air a' bhloga. Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Seo còmhradh goirid a dh’fhoillsicheadh ann an 1815 a tha a’ dèanamh luaidh air poblachdas san Fhraing. 🇫🇷 ceardach.blog/2024/11/05/co-…
16
Ìmpireachd agus frith-ìmpireileas bho sheann eachdraidh chun an latha an-diugh. Meòrachadh air tionndadh Gàidhlig de dh'Òraid Chalgacuis (AD 98) a rinn Pàdraig MacPhàrlain ann an 1813. ceardach.blog/2024/10/28/ora…
1
32
ÙR: Tolstoy ann an Gàidhlig. Tha mi a' toirt sùil air dà thùs a tha a-mach air poileataigs frith-chogaidh an sgrìobhadair mhòir Ruiseanaich, Leo Tolstoy (1828–1910). Gheibhear iomradh air Cogadh Afraga, an Ruis, Iapan, creideamh, agus Rèabhlaid 1905. ceardach.blog/2024/08/14/tol…
1
19
ÙR. 'Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain' (1891, 1903). Sna h-eisimpleirean seo, chan e a' Phalastain am prìomh chuspair ach tha i mar cheann-uidhe a bha, no a dh'fhaodadh a bhith, aig Iùdhaich. Eachdraidh thoinnte, bhrònach. ceardach.blog/2024/06/19/na-…
1
31
ÙR air a' bhloga. 'San Èiphit' (1888). Robh sgrìobhadairean #Gàidhlig an-còmhnaidh a' cur taic ri ìmpireachd Bhreatainn is a' cur sìos air na daoine a bha an t-arm a' ceannsachadh? Cha robh. Seo pìos naidheachd a tha gu follaiseach air taobh nan Arabach. ceardach.blog/2024/06/26/san…
1
30
Seud de dh'òran Earra-Ghàidhealach agam dhuibh. Chaidh 'Cumha do Mhuinntir a' Bharra Bhric' a dhèanamh le Catrìona NicLachlainn ann an 1840 ri linn fuadach a' Bharra Bhric, taobh Loch Obha. Sàr thùs le boireannach an aghaidh anaceartas. ceardach.blog/2024/06/04/ora…
1
1
110
Brath-bloga na seachdaine: litir le croitear, foillsichte 1883, a’ deasbad ’s a’ soilleireachadh nan amasan a bu chòir a bhith aig croitearan gus ‘galar na Gaidhealtachd a leigheas’ agus gus nach biodh iad nan ‘tràillean bochd mar tha sinn an diugh’. 🧑‍🌾🌄 ceardach.blog/2024/05/31/lit…
1
1
50
Ùr air a' bhloga. Ainmeil airson a chruinneachadh de sheanfhaclan, sgaoil an Siorram Alasdair MacNeacail bileag ann an #Gàidhlig an aghaidh aimhreit nan croitearan Sgitheanach an 1882. Tha sin againn, agus tha fiù 's freagairt ann bho na croitearan. #fada ceardach.blog/2024/05/25/an-…
1
1
187
#AirAnLathaSeo 17 Cèitean 1881 – Stèidhicheadh an Skye Vigilance Committee aig coinneamh ann an Taigh-òsta Fleming, Sràid na Drochaid, Glaschu. Chuireadh an comataidh air bhonn gus taic a chur ri croitearan Bhaltois san Eilean Sgitheanach nan strì an aghaidh a' Chaiptein Fhriseil
1
78
#AirAnLathaSeo 15 Cèitean 1883 – fhuair 'Martairean Ghleann Dail' a-mach à Prìosan a' Chalton, ann an Dùn Èideann. Bha Iain Mac a' Phearsain, Iain Moireasdan agus Dòmhnall MacLeòid nan ceannardan air na croitearan ann an Gleann Dail a ghabh thairis air ionaltradh Bhatairsteinn.
4
1
338
Là Buidhe Bealltainn 🤝 Là Eadar-nàiseanta an Luchd-obrach Seo iomradh tràth le Aonghas MacEanraig air cho cudromach 's a tha a' chiad latha dhen Chèitean do phoileataigs a' chlas-obrach. A.M.E., 'An Comunn Eadar-stàideil', Guth na Bliadhna (Am Foghar 1917), 266. #MayDay2024
1
1
1
141
Comunnaireach = communist (no sòisealach) An Comunn Eadar-stàideil = First International (1864–1876) ceardach.blog/category/ame/ #PròiseactAME
18
Sàr dhealbh! Clann-nighean an sgadain ann an Great Yarmouth. Chan eil fhios ’am cò às a bha iad, ach ’s dòcha gun robh Gàidheil nam measg. Scotsman (3 Dàmhair 1929).
1
3
126
Brath-bloga ùr. Seo alt le Liam Mac Giolla Ìosa anns an Scots Independent ann an 1929. Tha e a-mach air an dàimh eadar nàiseantachd agus sòisealachd ann an Alba. Gheibhear an seo iomradh tràth ann an Gàidhlig air Ó Conghaile agus MacGillEathain. ceardach.blog/2024/04/23/nai…
1
1
46
🇵🇸 A' Phalastain ann an litreachas na #Gàidhlig. Dh’fhoillsicheadh na trì altan a leanas ann an 1917, 1940, agus 1946 anns na Duilleagan Gàidhlig aig Life and Work, iris Eaglais na h-Alba. 🇵🇸 ceardach.blog/2024/03/30/a-p… #CeasefireNOW
2
1
1
65
"Dè bhac ur pinn bho bhith a’ dèanamh cunntas air seo? Nach robh euchdan is fulangas nan coimhearsnachdan sin buntainneach? [...] Ciamar a sgrìobhadh sibh mu rud sam bith eile nuair a bha sin a’ tachairt?" ceardach.blog/2024/03/06/sta…
26
Deagh sheanchas bho Choinneach MacÌomhair co-cheangailte ri Stailc nam Mèinneadairean 1984–1985. ceardach.blog/2024/03/06/sta…
1
81